You are here

Taigh Challendar, An Eaglais Bhreac

Taigh Challendar, An Eaglais Bhreac

̕ S e Taigh Mòr a th’ann an Taigh Challendar, a’ dol air ais chun a’ cheathramh linn deug, suidhichte air oighreachd fharsaing Pàirce Challendar. Tha e nis na dhachaidh aig taigh-tasgaidh poblach le taisbeanaidhean maireannach a tha ag innse eachdraidh Taigh Challendar agus sgìre na h-Eaglaise Brice. Tha Balla Antonine, Crìoch Tuath na Ròimh, a’ taisbeanadh mòran stuthan àrsaidh agus fiosrachadh mu Bhalla Antonine agus linn nan Ròmanach an Alba. Tha earrainn fhada, glè fhaicsinneach, de dhìg Balla Antonine anns a’ phàirc dìreach tuath air Taigh Challendar.

Tha grunn thaisbeanaidhean maireannach mu eachdraidh sgìre na h-Eaglaise Brice cuideachd anns an taigh-tasgaidh. Tha Cidsin Seòrsach ann, far am bi còcairean, air an èideadh an aodach an ama, a’ deasachadh an seòrsa bidh a bh’ aca tràth san naoitheamh linn deug. Ann an gailearaidh na Pàirce tha prògram caochlaideach de thaisbeanaidhean sealach, nam measg ealain lèirsinneach co-aimsireil.

Tha bùth thiodhlacan agus seòmar-teatha cuideachd ann an Taigh Challendar agus gheibhear chun a h-uile seòmar, a’ cleachdadh staidhrichean agus lioft. Tha àite-paircidh dha ciorramaich air beulaibh Taigh Challendar, agus tha pàircean chàraichean ann tro Seaton Place agus Estates Avenue.