You are here

Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair, Glaschu

Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair, Glaschu

Air fhosgladh ann an 1807, ̕ s e Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Mhic an t-Sealgair aig Oilthigh Ghlaschu an taigh-tasgaidh poblach as sine an Alba. Bidh ùidh shònraichte acasan a tha tadhal no tha a’ rannsachadh Balla Antonine anns a’ Chruinneachadh de Bhuinn is Meadailean aig an taigh-tasgaidh, na cruinneachaidhean arc-eòlais fa leth agus an gailearaidh ùr The Antonine Wall: Rome’s Final Frontier.

Suidhichte ann an gailearaidh inntrigidh an taigh-tasgaidh, tha an taisbeanadh maireannach seo a’ sealltainn stuthan bho Balla Antonine ann an dòigh eireachdail is air leth. Tha na clachan faid a tha buan agus mic-samhail den fheadhainn eile, ach a-mhàin dhà, anns an taisbeanadh seo, a’ chiad turas a chithear an gnè sònraichte seo de chlachan snaighte air fad còmhla. Tha mòran stuthan àrsaidh is eile air an taisbeanadh gus sgeulachd Balla Antonine innse bho cheithir cinn fharsaing:

· togail a’ Bhalla agus a bhuaidh air an t-sealladh-tìre;

· beatha agus dòigh-beatha arm nan Ròmanach;

· eadar-obrachadh culturach eadar na Ròmanaich agus muinntir an àite;

· am Balla air a thrèigsinn agus air a lorg as ùr tron rannsachadh aig àrsairean agus arc-eòlaichean bho mheadhan na seachdamh linn deug.

Gheibh luchd-tadhail de gach aois fiosrachadh farsaing mu Bhalla Antonine. Tha iomadh ulaidh ri fhaicinn ann, agus gheibh eòlaichean is sgoilearan cothroman beachdachadh air ceistean ùra.