You are here

Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann

̕ S e prìomh thaigh-tasgaidh na h-Alba a th’ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, le sgaoilteach fharsaing de thaisbeanaidhean ann co-cheangailte ri Alba, an Roinn Eòrpa agus an còrr dhen t-saoghal.

Tha sia prìomh ghailearaidhean Albannach ann, ag innse sgeulachd Alba bho amannan tràth Linn na Cloiche chun an latha an-diugh.

Tha fuidhill Ròmanach rin lorg anns a’ Ghailearaidh Scottish Early People air Ìre 0. Co-cheangailte ri Balla Antonine, tha cuideam air a chur air altar, coisrigte gu Hercules Magusanus, a chaidh a lorg faisg air gearastan Mumrills, intaglio glainne den dia Bonus Eventus a chaidh a lorg aig Auchendavy, agus Clach Fhaid Bridgeness – a’ chlach shnaighte as motha agus as mionaidiche a thàinig bho chrìochan na Ròimhe.