You are here

Taigh-tasgaidh Cheann Fhàil, Bo’ness

Taigh-tasgaidh Cheann Fhàil, Bo’ness

Suidhichte ann an stàbaill na seachdamh linn deug aig Taigh Cheann Fhàil, tha Taigh-tasgaidh Cheann Fhàil na ionad-mìneachaidh do dh’ Oighreachd Cheann Fhàil agus na thaigh-tasgaidh baile dha Bo’ness. Tha an taigh-tasgaidh ag innse sgeulachd Cheann Fhàil bho linn nan Ròmanach gus bho chionn ghoirid. Tha cuideam ga chur air làthaireachd Balla Antonine, suidhichte dlùth dhan taigh-tasgaidh, agus am mean-ghearastan a tha air an oighreachd.

Bu chòir do luchd-tadhail a bhith mothachail nach eil dòigh air faighinn gu làr àrd an taigh-tasgaidh ach suas staidhre agus gu bheil bùth thiodhlacan beag air an làr ìseal. Grunn thursan sa bhliadhna tha Caraidean Taigh Cheann Fhàil a’ cumail làithean fosgailte, nuair a tha Taigh Cheann Fhail fhèin fosgailte dhan mhòr-shluagh. Chithear ann leac croise meadhan-aoiseil bho thobhta Eaglais Cheann Fhàil, clach ròid a bhuineas don deicheamh no an t-aona linn deug agus cruinneachadh drùidhteach de dheilbh-balla bho Linn an Ath-bheothachaidh à “Leas-thaigh Lùchairt” an Taighe.